Beatha

O Uicipeid
Beatha
property, natural phenomenon, biological process
Fo-sheòrsa debeing, lyfe Deasaich
Théid a chleachdadh ann anunknown value, reproduction Deasaich
Has immediate causenot yet determined Deasaich
Cuspair eòlaislife sciences, bith-eòlas Deasaich
Hashtaglife Deasaich
History of topichistory of life Deasaich
Manifestation oflist of values as qualifiers Deasaich
NCI Thesaurus IDC37987 Deasaich

'S e saidheans mu rudan aig a bheil beatha a tha anns a' bhith-eòlas. Ach dè tha beatha fhèin?

Tha mòran deifiniseanan ann. A rèir Plato bha beatha lusach, aig a bheil a h-uile fàs-bheart, beatha bheathach, aig a bheil na beathaichean, agus beatha reusanach, aig a bheil daoine. Ach a rèir Aristotle 's urrainn do a h-uile rud beò a chruth a chumail an aghaidh atharraichean, agus a rèir Descartes b' e an rud as cudromaiche an diùrr no an deò, a bhios a' roinn daoine bho beathaichean nach biodh ach innealan. Sin vitalism agus chreid mòran luchd-saidheans ann gus an 20mh linn.[1]

Lorg Edward Trifonov 123 deifiniseanan na beatha anns a' bhith-eòlas. Tha gineadh agus atharrachadh anns a h-uile mìneachadh. Feumaidh beatha lùths cuideachd, agus nam biodh atharrachadh ann, bhiodh ioma-fhillteachd ann cuideachd. Bidh teine a' gintinn teine, ach chan eil beatha ann.[2]

Connspaid[deasaich | deasaich an tùs]

A bheil bìorasan beò? Chan eil seo soilleir. A rèir aon teaghlach de dheifiniseanan tha iad beò, a rèir mìneachaidhean eile chan eil iad beò agus a rèir treas seòrsa chan eil iad beò ach nuair a bhios iad ag obair ann an ceallan beò. Mhol James Lovelock gur e siostam singilte a bha anns an Talamh is e ga riaghailteachadh fhèin agus mar sin beò.[1]

Beatha fhuadain[deasaich | deasaich an tùs]

Tha eachdraidh fhada de mhodalan beatha ann an coimpiutairean, le riaghailtean sìmplidh mar Geama na Beatha le John Horton Conway no eag-shiostaman ioma-fhillte.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Mariscal, Carlos: “Life”. Stanford Encyclopedia of Philosophy (Fall 2021 Edition). Oilthigh Stanford. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2023.
  2. Trifonov, Edward N. (2011): “Vocabulary of Definitions of Life Suggests a Definition,” ann an: J. Biomol. Struct. Dynam., àir. 29, td. 259–266.
  3. Sinapayen, Lana (25mh dhen t-Samhain 2019): “Introduction to Artificial Life for People who Like AI”. The Gradient. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2023.